Skip to main content
Ref no:
HGH17393
Published:
01/10/2024
Closes:
14/10/2024
Location:
Bunsgoil Ghaidhlig Sir Walter Scott Drive Inverness, IV2 6BA
Salary:
£8,942 - £10,977 per year
Contract Type:
Temporary
Position Type:
Part Time
Hours:
15 hours per week

Job Description

Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Uairean: 15 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 03 Iuchar 2025
Tuarastal: £8,942 - £9,839 (Gun teisteanas) £9,984 - £10,977 (Le teisteanas)

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.

Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC faic childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh is comhairle mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliog an seo

Neach Fiosrachaidh: Kyle Eaglesfield Fòn: 01463 725980

Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis thràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha sùbailte is àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.

Cuir a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith fo-riochdaichte nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cum sùil air na puist-d agad, agus air a’ phasgan sgudail.

 

Requirements

Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas – a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) is bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.

Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas – obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.

Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach gu CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh le CSSA.

Ma tha iad clàraichte mar-thà agus an cosnadh le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gu bheil iad ag atharrachadh fastaiche, feumaidh iad innse do CSSA mu atharrachaidhean sam bith.

Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.

  • Disability Confident Employer - Leader
  • Armed Forces Covenant Gold.png
  • Happy to Talk Flexible Working
  • Equally Safe at Work - Development
  • Scottish Living Wage