Support Worker (Early Learning & Childcare) (30 hpw) (Fixed Term Until 1 July 2027), Gairloch Primary School
- Location:
- Gairloch Primary School, Auchtercairn, Gairloch, IV21 2BP
- Salary:
- £18,364 - £18,876 per year
- Contract Type:
- Temporary
- Position Type:
- Part Time
- Hours:
- 30 hours per week
Job Description
Tiotal na h-obrach: Neach-obrach taice (Tràth-bhliadhnaichean is Cùram-chloinne)
Àite: Bun-sgoil Gheàrrloch
Uairean: 30 uairean a thìde san t-seachdain
Faid: Ùine Stèidhichte gu 01 Iuchar 2027
Tuarastal: £18,364 - £18,876 sa bhliadhna
Mar as trice cuirear luchd-obrach air a’ chiad phuing air an sgèile.
Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an Tràth-bhliadhnaichean agus Cùram-chloinne, thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh agus fios mu dhreuchdan le Comhairle na Gàidhealtachd, briogaibh an seo.
Neach-conaltraidh: Strav McDonagh Post-d: strav.mcdonagh@highland.gov.uk
Adhbhar na h-Obrach: A bhith ag obair mar bhall èifeachdach den sgioba cùram-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard-sgoile ann a bhith a’ lìbhrigeadh raon de ghnìomhachdan brosnachail ann an àrainneachd shàbhailte a tha a' coileanadh feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Feumar an obair a dhèanamh a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean agus còdan-cleachdaidh Comhairle na Gàidhealtachd.
DÈANAIBH TAGRADH air-loidhne.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gum bi iomadachd a’ brosnachadh cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus mu bhith cothromach agus in-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air tagraichean bhon a h-uile cùl-raon, a tha riochdachail de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh thagraidhean bho thagraichean a tha dualtach a bhith fo-riochdaichte san fheachd-obrach againn.
Mar bhuidheann a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a' gealltainn gun toir sinn agallamh do gach tagraiche air a bheil ciorram a tha a' coileanadh nam bun-slatan-tomhais airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice, thèid fios a chur gu tagraichean air a' gheàrr-liosta tro phost-d, mura h-eilear ag ràdh an caochladh. Thoiribh sùil air a' phost-d agaibh gu cunbhalach, a’ gabhail a-steach sa pasgan sgudail/spama.
Requirements
Tha e na riatanas gum feum a h-uile neach-obrach a tha ag obair ann an seirbheisean tràth-bhliadhnaichean clàradh le SSSC agus trèanadh barantaichte a dhèanamh. ’S e poileasaidh na Comhairle gun aontaich a h-uile neach-obrach a tha ag obair leis a’ Chomhairle an trèanadh sin a dhèanamh an ceann ùine.
***************
Tha an dreuchd seo air a mheas mar dhreuchd riaghlaichte. Mar sin, dh'fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis a rèir do nàiseantachd agus eachdraidh còmhnaidh bho chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an sgrùdadh seo riatanach mura h-eil sibh a' coileanadh an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nàiseantach den Rìoghachd Aonaichte no tè de na dùthchannan a leanas: A' Ghearmailt, Lituàinia, na Tìrean Ìsle, Portagail, Romàinia, an Ungair, a' Ghrèig, an Fhraing, Èirinn, an Eadailt, an Spàinn, no a' Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air obair ann an dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no na dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson ùine trì mìosan no barrachd, nuair a bha sibh 18 bliadhna a dh’aois no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a dh’fhalbh.
Thoiribh an aire gur ann oirbhse a tha an dleastanas Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis fhaighinn, agus gum feum sibh cosgaisean sam bith co-cheangailte ri seo a phàigheadh.