Teacher (Secondary), Music (Gaelic Medium), (21hpw), Portree High School
Published by Highland Council- Location:
-
Portree High School, Portree
- Salary:
- £36,159.00 - £54,453.00, Pro Rata
- Contract type:
- Permanent
- Position type:
- Part Time
- Hours:
- 21 hours
- Categories:
Job Description
Tiotal Dreuchd: Tidsear (Àrd-sgoil), Ceòl
Àite: Àrd-Sgoil Phort Rìgh, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
Uairean: 21 san t-seachdain
Ùine: Maireannach
Tuarastal: £36,159 – £54,453 pro rata
Neach Fiosrachaidh: Tony Breen Fòn: 01478 614810
Postd: tony.breen@highland.gov.uk
Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.
Tha tagraidhean bho luchd-labhairt na Gàidhlig air am brosnachadh.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas.
Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Tha pasgan ath-shuidheachaidh cuimseach aig a’ chomhairle agus math dh’fhaodte gum bi seo ri fhaotainn dhan tagraiche shoirbheachail.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.
Job Title: Teacher (Secondary School), Music
Location: Portree High School, Portree, Isle of Skye
Hours: 21 per week
Duration: Permanent
Salary: £36,159 – £54,453 pro rata
Contact Person: Tony Breen Tel: 01478 614810 Email: tony.breen@highland.gov.uk
Requirements
GTCS REGISTRATION IS ESSENTIAL
FLUENCY IN GAELIC IS ESSENTIAL
Job Attachments
Teacher - unpromoted - Job Peron Spec.pdf
PDF • 100kBApplication Form Guidance & Employee Benefits - Teachers.pdf
PDF • 527kBTidsear Clasa.pdf
PDF • 127kBLocation
Portree High School, Portree
Highland Council
About the Organisation