Skip to main content
Ref no:
CNS04675
Published:
09/05/2024
Closes:
27/05/2024
Location:
Sir Edward Scott School West Tarbert Isle of Harris, HS3 3BG
Salary:
£33,699 - £36,427 per year
Contract Type:
Permanent
Position Type:
Full Time
Hours:
37 hours per week

Advert

Manaidsear Cùraim-chloinne Ghàidhlig, Sgoil-àraich an Tairbeirt
35 uairean gach seachdain, rè teirm na sgoile, dreuchd mhaireannach
£32,719-£35,368 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach de £2,241 gach bliadhna

Feumaidh an neach a gheibh an dreuchd an sgoil-àraich a stiùireadh agus taic a chur ri Manaidsear Tràth-bhliadhnaichean gus gnìomhan ann am Plana-gnìomh Tràth- bhliadhnaichean a choileanadh. Bidh dleastanasan na dreuchd a’ gabhail a-steach na leanas: a’ stiùireadh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach measaidhean, feumalachdan trèanaidh, cùisean smachdachaidh is gearain, fastadh agus modhan taghaidh, agus forladh bliadhnail; a’ cur taic ri luchd-obrach gus planaichean a chur an gnìomh agus curraicealam a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig a tha freagarrach airson feumalachdan gach pàiste; a’ leasachadh agus a' lìbhrigeadh trèanadh do luchd-obrach Tràth-bhliadhnaichean; agus a’ togail cheanglaichean gus am bi eadar-ghluasad èifeachdach ann eadar an Sgoil-àraich agus an Sgoil.

Feumaidh eòlas agus tuigse a bhith agad air a’ Churraicealam airson Sàr-mhaithais, How Good is our Early Learning & Childcare, Bun-tomhasan Cùraim Nàiseanta, Togail Miann Adhartais agus My World Outdoors. Tha e riatanach gum b’ urrainnear curraicealam a phlanadh agus a chur an gnìomh tro phlanaichean san ùine ghoirid, sa mheadhan-ùine agus san fhad-ùine.

Tha e riatanach gu bheil teisteanas agad a tha a’ freagairt air feumalachdan SSSC airson luchd-cleachdaidh/manaidsearan, no gu bheil thu deònach teisteanas freagarrach fhaighinn. Feumaidh cead-dràibhidh a bhith agad agus feumaidh càr a bhith agad.

Feumaidh tu a bhith fileanta sa Ghàidhlig

Feumar a bhith mar bhall de Sgeama Protecting Vulnerable Groups (PVG) a thaobh a bhith ag obair le clann mus urrainnear an dreuchd seo a dhèanamh.

Tha tuarastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid fhastadh air a’ chiad phuing air an ìre.

Faic an ‘Tuairisgeul Obrach & Tuairisgeul Pearsanta’ a tha an cois seo airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn.

Ceann-latha airson iarrtasan a bhith a-staigh: Diluain 27 Cèitean 2024

Childcare Manager, Gaelic, Sgoil Araich an Tairbeart
35 hours per week, term time, permanent
£32,719 - £35,368 per annum, inclusive of £2,241 Distant Islands Allowance per annum

The post holder will be required to manage the nursery and support the Early Years Manager to take forward tasks outlined within the Early Years Action Plan. Duties will include: managing staff including appraisals, training needs, disciplinary and grievance matters, recruitment and selection and annual leave; supporting staff to plan and deliver a curriculum through the medium of Gaelic which meets individual children’s needs; developing and delivering training to early years staff; and building links between Nursery and School to ensure smooth transitions.

You must have knowledge and understanding of the Curriculum for Excellence, How Good is our Early Learning & Childcare, National Care Standards, Building the Ambition and My World Outdoors. The ability to plan and implement a curriculum through short, medium and long term planning is essential.

It is essential that you hold a qualification that meets the requirements for the SSSC for practitioner/managers, or you must be willing to gain an appropriate qualification. You must also hold a full driving licence and have access to a car.

Fluency in Gaelic is essential.

This post is subject to membership of the Protecting Vulnerable Groups (PVG) Scheme in respect of regulated work with children.

Salary for the above post is inclusive of Distant Islands Allowance. Appointment to the post will be on the first point of the grade.

Please see attached 'Job Description & Person Specification ' for further information.

Closing Date: Monday 27 May 2024

  • Disability Confident Employer - Employer
  • Scottish Living Wage