Community Engagement Officer (35hpw) (Fixed Term for 18 Months), Highland Wide
Published by Highland Council- Location:
-
Highland Area, Highland
- Salary:
- £41,423.00 - £44,899.00
- Contract type:
- Temporary
- Position type:
- Full Time
- Hours:
- 35 hours
- Categories:
Job Description
Dreuchd: Oifigear Com-pàirteachadh Coimhearsnachd
Àite: Ioma-dhòigheach (le dùil a bhith san Eilean Sgitheanach is Ratharsair airson 2 latha san t-seachdain gu cuibheasach)
Uairean: 35 uairean
Ùine: Stèidhichte airson 18 mìosan/Cothrom fo-fhastaidh
Tuarastal: £41,423 – £44,899
San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.
Neach-fios: Lena Walker Fòn: 01349 886606
Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.
Adhbhar Obrach: Gnìomhachd chom-pàirteachaidh agus atharrachadh obrachail a chomasachadh, a chuideachadh is a lìbhrigeadh sa choimhearsnachd Ghàidhlig, a’ buileachadh is a’ cur taic ri gnìomhan is toraidhean Sgìrean Cànain Sònraichte air feadh Uàrd an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair. Bidh seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ togail is a’ cumail suas com-pàirteachasan is dàimhean ionadail le luchd-labhairt fileanta, luchd-ionnsachaidh, teaghlaichean, daoine òga, buidhnean ionadail, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean poblach gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh, togail is adhartas cànain a bhrosnachadh, lìonraidhean is cothroman Gàidhlig a leudachadh, agus taic a chur ri tar-chur eadar-ghinealaich is cleachdadh coimhearsnachd mar phàirtean riatanach de shiostam cànain soirbheachail.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.
Requirements
- Foghlam gu ìre ceuma no teisteanas proifeiseanta buntainneach;
NO
- Seall, tro eòlas air a bhith ag obair ann an dreuchd obrach co-ionann, comas foghlaim a tha aig ìre ceuma.
Driving licence and/or access to personal transport
Job Attachments
Community Engagement Officer_Lena Walker.docx
application/vnd.openxmlformats-officedocument.wordprocessingml.document • 290kBApplying_for_a_Post_with_The_Highland_Council_250319 (2).pdf
PDF • 483kBLocation
Highland Area, Highland
Highland Council
About the Organisation