Early Years Practitioner (13 hpw), Broadford Primary School, Isle of Skye
- Location:
- Broadford Primary School, Lime Park, Broadford, Isle of Skye, IV49 9AQ
- Salary:
- £8,479 - £10,309 per year
- Contract Type:
- Permanent
- Position Type:
- Part Time
- Hours:
- 13 hours per week
Job Description
Tiotal na h-obrach: Neach-obrach nan Tràth-bhliadhnaichean
Àite-obrach: Bun-sgoil an Àth Leathainn, An t-Eilean Sgitheanach
Uairean: 13 uairean a thìde san t-seachdain
Faid: Maireannach
Tuarastal: £8,479 - £9,286 (Gun teisteanas) £9,418 - £10,309 (Le teisteanas)
Mar as trice cuirear luchd-obrach air a’ chiad phuing air an sgèile.
Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an Tràth-bhliadhnaichean agus Cùram-chloinne, thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh agus fios mu dhreuchdan le Comhairle na Gàidhealtachd, briogaibh an seo
Fios Conaltraidh: Stephen Atkins Post-d: stephen.atkins@highland.gov.uk
Adhbhar na h-Obrach: A bhith ag obair mar bhall èifeachdach de sgioba, gus seirbheis tràth-ionnsachadh is cùraim-chloinne shubailte, de dh'àrd-chàileachd a thoirt seachad gus na feumalachdan aig clann òga is an teaghlaichean a choileanadh.
DÈANAIBH TAGRADH air-loidhne.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gum bi iomadachd a’ brosnachadh cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus mu bhith cothromach agus in-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air tagraichean dè gach cùl-raon, a tha riochdachail de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh thagraidhean bho thagraichean a tha dualtach a bhith fo-riochdaichte san fheachd-obrach againn.
Mar bhuidheann a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a' gealltainn gun toir sinn agallamh do gach tagraiche air a bheil ciorram a tha a' coileanadh nam bun-slatan-tomhais airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice, thèid fios a chur gu tagraichean air a' gheàrr-liosta tro phost-d, mura h-eilear ag ràdh an caochladh. Thoiribh sùil air a' phost-d agaibh gu cunbhalach, a’ gabhail a-steach sa pasgan sgudail/spama.
Requirements
Tha an dreuchd seo air a mheas mar dhreuchd riaghlaichte. Mar sin, dh'fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis a rèir do nàiseantachd agus eachdraidh còmhnaidh bho chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an sgrùdadh seo riatanach mura h-eil sibh a' coileanadh an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nàiseantach den Rìoghachd Aonaichte no tè de na dùthchannan a leanas: A' Ghearmailt, Lituàinia, na Tìrean Ìsle, Portagail, Romàinia, an Ungair, a' Ghrèig, an Fhraing, Èirinn, an Eadailt, an Spàinn, no a' Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air obair ann an dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no na dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson ùine trì mìosan no barrachd, nuair a bha sibh 18 bliadhna a dh’aois no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a dh’fhalbh.
Thoiribh an aire gur ann oirbhse a tha an dleastanas Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall-thairis fhaighinn, agus gum feum sibh cosgaisean sam bith co-cheangailte ri seo a phàigheadh.
Bidh aig an fheadhainn a tha air am fastadh mar Chleachdaichean Thràth-bhliadhnaichean (gun teisteanas) obrachadh a dh’ionnsaigh fear de na teisteanasan gu h-àrd taobh a-staigh ùine aontaichte agus thèid am pàigheadh air ìre HC0435.
Bu chòir teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam a bhith aig an fheadhainn a thèid fhastadh mar Chleachdaiche Thràth-bhliadhnaichean (le teisteanas) (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus thèid am pàigheadh air ìre HC0535.
Feumaidh clàradh iomchaidh aig Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (SSSC) a bhith aig a’ Chleachdaiche Tràth-bhliadhnaichean no feumaidh iad aontachadh gun dèan iad tagradh gu SSSC gus clàradh mar thagraiche. Nuair a thòisicheas iad an dreuchd, bu chòir dhan Chleachdaiche Tràth-bhliadhnaichean clàradh leis an SSSC.
Ma tha iad clàraichte mar-thà agus ma tha an obair aca le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gum bi iad ag atharrachadh fastaiche, feumaidh iad innse dhan SSSC mu atharrachaidhean sam bith.
Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bidhe agus Ciad Chobhair nam buannachd.