Early Years Practitioner (Gaelic) (20 hpw) (Fixed Term until 02 July 2026), Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
- Location:
- Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, Struan Road, Portee, Portree, IV51 9EG
- Salary:
- £13,045 - £15,860 per year
- Contract Type:
- Temporary
- Position Type:
- Part Time
- Hours:
- 20 hours per week
Job Description
Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Uairean: 20 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 02 Iuchar 2026
Tuarastal: £13,045 - £14,287 (Gun teisteanas) £14,490 - £15,860 (Le teisteanas)
San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.
Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh is comhairle mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliogaibh an seo
Neach Fiosrachaidh: Flora Guidi, Fòn: 01478 614770
Adhbhar dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha subailte is de chàileachd àrd, agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.
Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd ag àrach cruthachas is ùr-ghnàthachas. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh, agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith fo-riochdaichte san sgioba-obrach againn. Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air na puist-d agaibh, agus air a’ phasgan sgudail.
Requirements
Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas – a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.
Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas – obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.
Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh le CSSA. Ma thathar clàraichte mar-thà agus ma tha an cosnadh le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gu bheilear ag atharrachadh fastaiche, bu chòir dhaibh fios a chur gu CSSA mu atharrachaidhean sam bith.
Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.