Skip to main content
Ref no:
HGH20523
Published:
24/02/2026
Closes:
09/03/2026
Location:
Bun-sgoil Ghaidhlig Loch Abar, Ardgour Road, Caol, Fort William, Lochaber, PH33 7NX
Salary:
£19,568 - £23,791 per year
Contract Type:
Temporary
Position Type:
Part Time
Hours:
30 hours per week

Job Description

Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean (Gàidhlig)

Àite: Bun-sgoil Ghaidhlig Loch Abar

Uairean: 30 san t-seachdain

Ùine: Stèidhichte gu 02 Iuchar 2026

Tuarastal: £19,568 - £21,431 (Gun teisteanas) £21,735 - £23,791 (Le teisteanas)

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.

Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.

Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/

Airson stiùireadh is comhairle mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliogaibh an seo

Neach Fiosrachaidh: Carole Graham Email: carole.graham@highland.gov.uk​

Adhbhar dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha subailte is de chàileachd àrd, agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd ag àrach cruthachas is ùr-ghnàthachas. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh, agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith fo-riochdaichte san sgioba-obrach againn. Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air na puist-d agaibh, agus air a’ phasgan sgudail.

Requirements

Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas – a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.

Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas – obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.
Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh le CSSA. Ma thathar clàraichte mar-thà agus ma tha an cosnadh le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gu bheilear ag atharrachadh fastaiche, bu chòir dhaibh fios a chur gu CSSA mu atharrachaidhean sam bith.

Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.

Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:

  • Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Ã’laind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
  • Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.

Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

  • Disability Confident Employer - Leader
  • Armed Forces Covenant Gold.png
  • Happy to Talk Flexible Working
  • Equally Safe at Work - Development
  • Scottish Living Wage