Early Years Practitioner (Gaelic) (30hpw) (Fixed Term until 1 July 2027), Bun-sgoil Ghaidhlig Loch Abar, Lochaber
- Location:
- Bun-sgoil Ghaidhlig Loch Abar, Ardgour Road, Caol, Fort William, Lochaber, PH33 7NX
- Salary:
- £20,258 - £24,619 per year
- Contract Type:
- Temporary
- Position Type:
- Part Time
- Hours:
- 30 hours per week
Job Description
Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Thrà th-bhliadhnaichean
Àite: Bun-Sgoil Ghà idhlig Loch Abar, Loch Abar
Uairean: 30 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 1 Iuchar 2027
Tuarastal: £20,258 - £22,176 (Gun teisteanas) £22,494 - £24,619 (Le teisteanas)
Mar as trice, bidh am pà igheadh aig a’ chiad phuing dhen sgèile.
Feumaidh GÃ idhlig a bhith aig tagraichean.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh is beachdan mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gà idhealtachd cliogaibh an seo
Neach Fiosrachaidh: ​ Iain Iòsaph MacNèill Post-d: johnjoseph.macneil@highland.gov.uk
Adhbhar Obrach: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis trà th-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha subailte is à rd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga agus an teaghlaichean.
Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE.
Tha Comhairle na Gà idhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach.
Tha sinn a’ cur fà ilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fà ilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheà rr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail
Requirements
Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thrà th-bhliadhnaichean – le teisteanas – a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) is bidh am pà igheadh aig ìre HC0535.
Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thrà th-bhliadhnaichean – gun teisteanas – obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-à rd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pà igheadh aig ìre HC0435.
Feumaidh an Neach-obrach Thrà th-bhliadhnaichean a bhith clà raichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clà rachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Trà th-bhliadhnaichean clà rachadh le CSSA.
Ma tha iad clà raichte mar-thà agus ma tha am fastadh aca le Comhairle na Gà idhealtachd a’ ciallachadh gu bheil iad ag atharrachadh fastaiche, bu chòir dhaibh fios a chur gu CSSA mu atharrachaidhean sam bith.
Bhiodh teisteanasan ann an Là imhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clà r Eucorach Thall Thairis a rèir ur nà iseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
- Feumaidh sibh a bhith nur nà iseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituà inia, An Òlaind, Portagail, Romà inia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spà inn, no A’ Phòlainn.
- Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-à rd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clà r Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phà igheadh.