Skip to main content
Ref no:
HGH17383
Published:
01/10/2024
Closes:
14/10/2024
Location:
Bunsgoil Ghaidhlig Sir Walter Scott Drive Inverness, IV2 6BA
Salary:
£16,762 - £17,247 per year
Contract Type:
Temporary
Position Type:
Part Time
Hours:
30 hours per week

Job Description

Tiotal Dreuchd: Neach-taice (Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne)
Àite: Bun-sgoil Ghà idhlig Inbhir Nis Primary School
Uairean: 30 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 03 Iuchar 2025 
Tuarastal: £16,762 - £17,247 per annum

San àbhaist, bidh an tuarastal aig a’ chiad ìre dhen bhann.

Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC faic childcarecareersscotland.scot/

Airson stiùireadh is comhairle mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliog an seo

Neach Fiosrachaidh: Kyle Eaglesfield, Fòn: 01463 725980

Adhbhar Dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis thràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha sùbailte is àrd-inbhe agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean. Feumar an obair a dhèanamh a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean is chòdaichean-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd.

Cuiribh a-steach TAGRADH AIR-LOIDHNE

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.

Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail

Requirements

Feumaidh luchd-obrach uile a tha ag obair ann an seirbheisean nan tràth-bhliadhnaichean clàrachadh le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) agus trèanadh barantaichte a ghabhail os làimh. ’S e poileasaidh na Comhairle gum bi luchd-obrach uile a tha a’ gabhail cosnadh leis a’ Chomhairle ag aontachadh a leithid de thrèanadh a ghabhail os làimh rè ùine.

  • Disability Confident Employer - Leader
  • Armed Forces Covenant Gold.png
  • Happy to Talk Flexible Working
  • Equally Safe at Work - Development
  • Scottish Living Wage