Skip to main content
Ref no:
399073
Published:
09/10/2024
Closes:
28/10/2024
Location:
An Tosgan 54 Seaforth Road Stornoway Isle of Lewis, HS1 2SD
Rate:
£0 per bi-week
Contract Type:
Permanent
Position Type:
Full Time
Hours:
35 hours per week
Work From Home:
Yes

Dreuchd Bhàn

Tiotal: Ceannard Foghlaim agus Ionnsachaidh

Uairean: 35 uairean san t-seachdain

Ceann-latha airson iarrtasan: 28 Dàmhair 2024

A’ Sireadh Ceannard Foghlaim aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig


Thig Còmhla rinn ’s sinn airson Foghlam Gàidhlig Adhartachadh tro Ghoireasan

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig airson Ceannard Foghlaim agus Ionnsachaidh fhastadh a bhios a’ stiùireadh cruthachadh ghoireasan agus trèanadh do fhoghlam Gàidhlig. Tha Stòrlann, am buidheann nàiseanta a tha a’ dèanamh ghoireasan ionnsachaidh Gàidhlig don sgoil agus don dachaigh, cuideachd na phrìomh sholaraiche air seirbheisean-taic do luchd-ionnsachaidh, tidsearan agus pàrantan. Ma tha thu airson d’ eòlas a chleachdadh airson taic a chur ri Foghlam Gàidhlig agus buaidh fhollaiseach a thoirt air luchd-ùidhe san roinn, b’ fhìor thoigh leinn cluinntinn bhuat.

Na tha sinn a’ tairgsinn

• obair bheothail anns a bheil d’ eòlas agus d’ fhèin-fhiosrachadh a’ cur cruth air goireasan Foghlam Gàidhlig san àm ri teachd

• cothrom a bhith nad phàirt de sgioba dhealasach a tha a’ cur gu mòr ri roinnean na Gàidhlig agus an fhoghlaim

• gealltanas air leasachadh dreuchdail, airson gun cùm thu suas ri atharraichean.

Na bhios tu a’ dèanamh

• a’ cur ri chèile plana ro-innleachdail airson ghoireasan, trèanadh agus co-cheangal ri luchd-ùidhe ann am Foghlam Gàidhlig

• a’ toirt bheachdan airson ghoireasan ionnsachaidh cruthachail gu bith, bhon chiad bheachd-smuain chun an fhoillseachaidh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad buntainneach, de dh’àrd-chàileachd, agus cunbhalach

• a’ stiùireadh agus a’ manaidseadh sgioba èasgaidh, a’ toirt dhaibh stiùir ro-innleachdail agus treòrachadh air fuasglaidhean ionnsachaidh a tha a’ freagairt air feumalachdan Stòrlann, luchd-ùidhe agus luchd-cleachdaidh

• a’ stiùireadh iomadh pròiseact, a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach nì a tha ri lìbhrigeadh de dh’àrd-chàileachd agus air an uair.

Na tha agad

• eòlas air goireasan Gàidhlig a chruthachadh airson an cur gu feum ann an suidheachadh foghlaim

• tuigse fharsaing air leasachadh agus lìbhrigeadh curraicealam na sgoile aig gach ìre

• eòlas air sgìobaidhean a stiùireadh agus a mhanaidseadh

• sàr sgilean conaltraidh agus co-obrachaidh, an comas ceanglaichean a thogail ’s a dhoimhneachadh ann an lìonrathan na roinne, agus obrachadh nad aonar agus mar phàirt de sgioba

• dealas airson ionnsachadh agus airson freagairt ri teicneòlasan ùra agus gluasadan ann an goireasan foghlaim.

Buannachdan a bharrachd

• cothrom obrachadh air pròiseactan brìoghmhor a tha a’ cur taic ri foghlam Gàidhlig

• dreuchd a tha a’ cleachdadh cruthachalachd agus ùr-ghnàthachas ’s tu a’ leasachadh Foghlam Gàidhlig ann an sgoiltean, dachaighean agus coimhearsnachdan

• cothrom cur ri cleachdaidhean seasmhach a thaobh ghoireasan.

Àite: Alba – feumar a bhith deònach siubhal air feadh na sgìre mar a dh’fheumar.

Thig còmha rinn air an Turas

Ma tha thu a’ smaoineachadh gu cruthachail, dealasach a thaobh foghlam agus Gàidhlig, agus deiseil airson buaidh chudromach a thoirt, cuir tagradh gu Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig an-diugh. Thoir adhartas air do dhreuchd ’s tu a’ cur ri fàs agus inbhe Foghlam Gàidhlig.

Dèan Tagradh An-dràsta

Iarr pasgan fiosrachaidh bho oifis Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig An Tosgan, 54 Rathad Shìophoirt Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais. HS1 2SD agus cuir a-steach an tagradh agad, no Post-d gu corporate@storlann.co.uk agus cuir a-steach an tagradh agad.

Ceann-latha airson Iarrtasan 28mh Dàmhair 2024

Deit an Agallaimh [ri dhearbhadh]

Tha fadachd oirnn faicinn mar as urrainn dhut cur ris a’ mhisean againn agus cur ri cruth Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san àm ri teachd le d’ eòlas air a’ chànan agus air foghlam. Thig còmhla rinn agus dèan diofar!