Skip to main content
Ref no:
476054
Published:
11/06/2026
Closes:
29/06/2026
Location:
An Tosgan, 54 Seaforth Road Stornoway, Isle of Lewis, HS1 2SD
Salary:
£42,018 per year
Contract Type:
Permanent
Position Type:
Full Time
Hours:
35 hours per week
Work From Home:
Yes

Adhbhar na Dreuchd

Bidh Cruthadair nan Goireasan Gàidhlig a’ leasachadh sàr ghoireasan tarraingeach a bheir taic do ionnsachadh, cleachdadh agus brosnachadh na Gàidhlig agus a cultar. Tha an dreuchd ag amas air stuthan foghlaim do luchd-ionnsachaidh, luchd-foghlaim agus dhan choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaineachd a chruthachadh a bhios ruigsinneach agus mionaideach a thaobh cànan agus cultar.

Dleastanasan

  1. A’ cuideachadh le leasachadh agus lìbhrigeadh prìomh phrògram foillseachaidh Stòrlann, gu h-àraidh co-cheangailte ri goireasan bun-sgoile mar duilleagan-obrach, planaichean leasain, scriobtan èisteachd, bhidiothan agus geamannan foghlaim.

  1. A’ gabhail pàirt ann an sgiobaidhean phròiseactan a rèir feum.

  1. A’ sgrùdadh, a’ cruthachadh, a’ sgrìobhadh agus a’ dèanamh dreach de stuthan mar a thèid aontachadh.

  1. A’ dèanamh ceangal ri sgoiltean agus ùghdarrasan.

  1. A’ cumail suas ris an stiùireadh as ùire air foghlam agus cànan a thaobh Gàidhlig mar chuspair agus a’ gabhail pàirt ann an cùrsaichean trèanaidh air an aontachadh ris a’ Mhanaidsear.

  1. A’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan a’ tighinn a rèir frèam-obrach a’ churraicealam.

  1. A’ dèanamh ceangal ri Sgìoba Càileachd Stòrlann airson a bhith cinnteach à mionaideachd agus ìre cànain agus ùghdarrachd cultarail nan stuthan gu lèir.

  1. A’ dèanamh ceangal ri buidhnean iomchaidh, air aontachadh le Stòrlann, airson cur ri leasachadh ghoireasan.

  1. A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach obair is dleastanas air an coileanadh gu sàbhailte gus nach èirich cron sam bith dhut a thaobh do shlàinte no do shàbhailteachd, no do neach-obrach sam bith eile no do neach dhen phoball.

  1. A’ gabhail pàirt ann an tachartasan ionnsachadh fad-bheatha gus taisbeanadh a dhèanamh air goireasan foghlaim Stòrlann, mar eisimpleir trèanadh in-sheirbheis.

  1. A’ siubhal mar a bhios feum air gus dleastanasan na h-obrach a choileanadh.

  1. Dleastanasan eile a rèir inbhe na dreuchd air am bi feum bho àm gu àm gus dèanamh cinnteach à èifeachdas na seirbheis.