Skip to main content
Ref no:
476075
Published:
11/06/2026
Closes:
29/06/2026
Location:
Storlann Naiseanta Na Gaidhlig, Isle of Lewis, HS1 2SD
Salary:
£44,200 per year pro rata
Contract Type:
Permanent
Position Type:
Part Time
Hours:
17.5 hours per week
Work From Home:
Yes

Amas na Dreuchd

Bidh Oifigear Leasachaidh nam Feumalachdan a Bharrachd a’ leasachadh, ag atharrachadh agus a’ lìbhrigeadh stuthan foghlaim Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh le diofar fheumalachdan sònraichte.

Dleastanasan

  1. A’ cruthachadh stuthan teagaisg Gàidhlig diofaraichte (goireasan lèirsinneach, duilleagan-obrach, stuthan didseatach) air an dèanamh freagarrach do dhiofar fheumalachdan sònraichte.

  1. A’ gabhail pàirt ann an sgiobaidhean phròiseactan a rèir feum.

  1. A’ sgrùdadh, a’ cruthachadh, a’ sgrìobhadh agus a’ dèanamh dreach de stuthan mar a thèid aontachadh.

  1. A’ dèanamh ceangal ri sgoiltean agus ùghdarrasan.

  1. A’ cumail suas ris an stiùireadh as ùire air foghlam agus cànan a thaobh Gàidhlig mar chuspair agus a’ gabhail pàirt ann an cùrsaichean trèanaidh air an aontachadh ris a’ Mhanaidsear.

  1. A’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan a’ tighinn a rèir frèam-obrach a’ churraicealam.

  1. A’ dèanamh ceangal ri Sgìoba Càileachd Stòrlann airson a bhith cinnteach à mionaideachd agus ìre cànain agus ùghdarrachd cultarail nan stuthan gu lèir.

  1. A’ dèanamh ceangal ri buidhnean iomchaidh, air aontachadh le Stòrlann, airson cur ri leasachadh ghoireasan.

  1. A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach obair is dleastanas air an coileanadh gu sàbhailte gus nach èirich cron sam bith dhut a thaobh do shlàinte no do shàbhailteachd, no do neach-obrach sam bith eile no do neach dhen phoball.

  1. A’ gabhail pàirt ann an tachartasan ionnsachadh fad-bheatha gus taisbeanadh a dhèanamh air goireasan foghlaim Stòrlann, mar eisimpleir trèanadh in-sheirbheis.

  1. A’ siubhal mar a bhios feum air gus dleastanasan na h-obrach a choileanadh.

  1. Dleastanasan eile a rèir inbhe na dreuchd air am bi feum bho àm gu àm gus dèanamh cinnteach à èifeachdas na seirbheis.