Skip to main content
Ref no:
467073
Published:
09/04/2026
Closes:
24/04/2026
Location:
Àrd-sgoil Greenfaulds, Rathad Auchenkilns, Comar-nan-Allt, G67 4AQ
Salary:
£42,018 - £52,740 per year
Contract Type:
Permanent
Position Type:
Full Time
Hours:
35 hours per week

Feumaidh tagraichean taobh a-staigh na Comhairle cuir a-steach tromham fhèin

’S e Lannraig a Tuath an t-àite airson Fuireach, Ionnsachadh, Obair, Sealbh agus Tadhal!

Seo do chothrom tighinn còmhla rinn airson fìor dheagh atharrachadh a dhèanamh!

Tha sinn a’ sireadh Tidsear a tha Fileanta ’s a Ghàidhlig aig Àrd-sgoil Greenfaulds ann an Comar-nan-Allt – sgoil a tha àrd-amasach, ion-ghabhaltach agus adhartach, le goireasan air leth.

Ma tha thu dealasach mu dheidhinn foghlam agus airson an ath ghinealach a bhrosnachadh, ’s e cothrom air leth a tha anns an dreuchd seo dhut.

Aig Àrd-sgoil Greenfaulds tha sinn ag amas air àrainneachd a tha brosnachail, sàbhailte agus rianail a tha a’ tabhann iomadh cothrom do dhaoine òga a chruthachadh gus an tèid aca a dhol nan luchd-ionnsachaidh soirbheachail, nan daoine misneachail, nan com-pàirtichean èifeachdach, agus saoranaich cunntachail.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu Jamie Vaughn-Sharp, Ceannard Sgoile air 01236 794876

Video Clipchamp IMG_0491.MOV

Feumaidh tu a dhol nad bhall den sgeama dìon nam buidhnean so-leònte (PVG) mun tòisich thu san dreuchd seo.

Tha tairgse fastaidh don dreuchd seo an urra ri iomraidhean freagarrach agus molaidhean iomchaidh sam bith eile.

Ma thèid do chur ann an dreuchd cuiridh sinn fios chun neach-iomraidh agad le post-d gus crìoch a chur air d’ fhastadh.

Notaichean stiùiridh

Bidh tuarastal a rèir Comataidh Co-rèiteachaidh na h-Alba airson Tidsearan (SNCT).

Tha sinn nar Ceannardan Misneachd Chiorramachd agus tha sinn a' tabhann agallamh le cinnt do thagraichean a tha den bheachd gu bheil iad ciorramach, fhad 's a choileanas iad na slatan-tomhais riatanach den chunntas neach / chunntas-obrach.

Tha sinn cuideachd air gabhail ris a' Chùmhnant Coimhearsnachd Feachdan Armaichte airson sealltainn ar taic airson luchd-seirbheise, seann-ghaisgich agus an teaghlaichean. Tha sinn a' tabhann agallamh le cinnt do luchd-fàgail seirbheis, cèile, luchd cùl-taic an airm agus seann-ghaisgich, fhad 's a choileanas iad na slatan-tomhais riatanach den chunntas neach / chunntas-obrach.

Tha Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath a' gealltainn ri #Keepingthepromise. Tha seo a' ciallachadh ma bha cùram agad a-riamh (air do choimhead às do dhèidh aig an taigh le neach-obrach sòisealta, a’ fuireach le cuideigin a tha càirdeach dhut nach nam pàrant, ann an cùram-dalta, cùram-còmhnaidh neo cùram-tèarainte) gu bheil sinn a’ tabhann agallamh le cinnt, fhad 's a choileanas tu na slatan-tomhais riatanach den chunntas neach / chunntas-obrach. Is e seo aon dòigh anns a bheil Siorrachd Lannraig a Tuath a’ coileanadh ar gealladh taic do Dhaoine le Eòlas-chùram.

Is e am Plana airson Siorrachd Lannraig a Tuath gum bi e na àite airson fuireach, ionnsachadh, obair, sealbh agus tadhal. Tha a' Chomhairle ag aithneachadh gu bheil obair na phàirt chudromach de bheatha inbheach agus gu bheil e deatamach don t-sunnd againn agus a' cruthachadh an dòigh anns a bheil sinn beò. Tha Frèam Co-roinn Co-chruinneachadh Cothromach a' mìneachadh Obair Chothromach mar obair a tha a' tabhann guth èifeachdach, coileanadh, cothrom, spèis agus tèarainteachd. Tha sinn a' creidsinn gun urrainn do dh' Obair Chothromach àrdachadh a dhèanamh air cruthachas, ag aithneachadh comas-fàis agus àrdachadh tarbhachd. Gus faighinn a-mach tuilleadh cliog air a' cheangal link.

Faodar Pasgain Tagraidh Eadar-dhealaichte iarraidh ann an cruthan eile mar eisimpleir, Clò-bhualadh Mòr, Braille, agus Fuaim. Gus pasgan tagraidh eadar-dhealaichte iarraidh cuir fòn gu 01698 403151.

Tha na sgrìobhainn Easy Read againn rin faighinn le bhith a’ leantainn an linc a leanas. Cuidichidh iad seo le mìneachadh a dhèanamh air a’ phròiseas agus na tha tachras tron phròiseas tagraidh: Easy Read – My NL

*** Thoir an aire leis mach ghabh sinn ri cunntas beath an àite an fhoirm iarrtais. Gus an tèid beachdachadh ort airson na h-obrach seo feumaidh tu dèanamh cinnteach gu bheil foirm tagraidh air a chuir a-steach. Cha tèid beachdachadh air cunntais-beatha. ***

  • Disability Confident Employer - Leader
  • The Prince's Responsible Business Network
  • Armed Forces Covenant Bronze.png
  • Happy to Talk Flexible Working
  • Equally Safe at Work - Bronze
  • Scottish Living Wage
  • The Promise